Please enable Javascript to use the menus
Festival of Politics Logo

Fios Naidheachd 2 Lùnastal 2007 English

Taisbeanadh Dealbh Meadhanan na Cruinne aig an Fhèis Poileataigs airson an dàrna bliadhna

Young Lebanese drive down a street in a bombed neighbourhood in southern Beirut.
Dealbh Meadhanan na Cruinne 2006
Young Lebanese drive down a street in Haret Hreik, a bombed neighbourhood in southern Beirut, Lebanon, on August 15.
Spencer Platt, USA, Getty Images.

An dèidh cho soirbheachail sa bha taisbeanadh Dealbh Meadhanan na Cruinne an-uiridh, bidh Fèis Poileataigs Pàrlamaid na h-Alba a-rithist a’ toirt an taisbeanadh cliùiteach seo gu Taigh an Ròid eadar 3 agus 26 Lùnastal.

An-uiridh, tharraing an taisbeanadh an-asgaidh seo mòran luchd-turais, a’ tàladh faisg air 30,000 neach-tadhail fhad’s a bha e a’ ruith.

Faic cuid de na dealbhan anns a' ghailearaidh.

 

Tha an taisbeanadh Dealbh Meadhanan na Cruinne a’ nochdadh na dealbhan meadhanan as fheàrr bho air feadh an t-saoghail.

Gach bliadhna, bidh Dealbh Meadhanan na Cruinne a tha stèidhichte ann an Amsterdam a’ cur air adhart farpais gus taghadh nan eisimpleirean as fheàrr de dhealbh naidheachdais bho luchd-togail dhealbhan, bhuidhnean, phàipearan-naidheachd agus irisean. Thèid na tagraidhean a bhuannaicheas an taghadh le panail eadar-nàiseanta de bhritheamhan neo-eisimeileach bho raointean diofraichte a bheir farsaingeachd de dh’ eòlas chun pròiseis breithneachaidh.

Ann an taisbeanadh Pàrlamaid na h-Alba na bliadhna seo bidh 178 ìomhaighean air an tarraing bho naidheachdan mu thachartasan na cruinne a chaidh a chraoladh ann an 2006.

Chaidh na h-ìomhaighean a bhuannaich a thaghadh a-mach à 78,083 a chaidh a chur a-steach le 4,460 luchd-dheilbh bho 124 dhùthchanan. Chaidh duaisean a thoirt do 60 luchd-togail dhealbhan thairis air 10 raointean cuspaireil.

Thuirt Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Ailig MacFhearghais, BPA:

“Bha an taisbeanadh dhealbh naidheachdais seo a tha cliùiteach air feadh an t-saoghail air leth tarraingeach do luchd-turais an-uiridh, a’ tàladh mìltean don togalach againn gus na h-ìomhaighean smaoineachail a tha air an sealltainn san àite-inntrigidh poblach, fhaicinn.

“Tha mi air leth toilichte gu bheil an taisbeanadh Dealbh Meadhanan na Cruinne a’ tilleadh gu Taigh an Ròid mar phàirt de dh’Fhèis Poileataigs na  bliadhna seo.”

Chum e air:

“Bidh dealbhan gan taisbeanadh gu sònraichte aig Fèis Poileataigs na bliadhna seo, le fear-togail dhealbhan cliùiteach eadar-nàiseanta Harry Benson agus Kieran Dodds a bhuannaich duais Dealbh Meadhanan na Cruinne roimhe seo, a’ beachdachadh air dealbh naidheachdais air 25 Lùnastal ann am Beatha na Lionsa (Life in the Lens).”

Thuirt Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Ailig MacFhearghais, BPA

“Bha an taisbeanadh dhealbh naidheachdais seo a tha cliùiteach air feadh an t-saoghail air leth tarraingeach do luchd-turais an-uiridh, a’ tàladh mìltean don togalach againn gus na h-ìomhaighean smaoineachail a tha air an sealltainn san àite-inntrigidh poblach, fhaicinn.

“Tha mi air leth toilichte gu bheil an taisbeanadh Dealbh Meadhanan na Cruinne a’ tilleadh gu Taigh an Ròid mar phàirt de dh’Fhèis Poileataigs na  bliadhna seo.”

 

Chum e air:

A man rinses soot from his face at the scene of a petrol pipeline explosion.
Duine ga ghlanadh fhèin as dèidh do phìob peatrail a spèidheadh ann anLagos, Nigeria.
Akintunde Akinleye, Nigeria, Reuters.

Faic barrachd dhealbhan anns a' ghailearaidh

“Bidh dealbhan gan taisbeanadh gu sònraichte aig Fèis Poileataigs na bliadhna seo, le fear-togail dhealbhan cliùiteach eadar-nàiseanta Harry Benson agus Kieran Dodds a bhuannaich duais Dealbh Meadhanan na Cruinne roimhe seo, a’ beachdachadh air dealbh naidheachdais air 25 Lùnastal ann am Beatha na Lionsa (Life in the Lens).

Taisbeanadh na bliadhna seo

Tha na lean sprèadhadh pìob pheatroil ann an Nigeria, teichich Darfur air crìochan Sudan-Chad a’ feitheamh ri cuairteachadh bìdh agus togalaichean a chaidh am bombadh ann an Lebanon tron spàrn eadar Iosrael agus Hezbollah mar phàirt de na h-ìomhaighean a tha a’ nochdadh anns an taisbeanadh seo.

Be an dealbhadair SA Spencer Platt bho Getty Images a fhuair an duais iomlan leis an dealbh aige a tha a’ sealltainn buidheann de dh’ òganaich le coltas beartais à Lebanon a’ draibheadh tro nàbaidheachd Beirut a-Deas a chaidh a sgrios le bombaichean  Israel. Chaidh an ìomhaigh a thogail air 15 Lùnastal 2006, a’ chiad latha den fhois-fhòirneart eadar Israel agus Hezbollah nuair a thòisich mìltean de shluagh Lebanon a’ tilleadh gu na dachaighean aca.

Faodar buannaichean a thighinn bho 23 dùthchannan agus tha an Rìoghachd Aonaichte air a riochdachadh le Ailig Livesey bho Getty Images for Sports a fhuair an dàrna duais ann an raon singilte Gnìomh Spòrs airson an dealbh aige de chluicheadair-aghaidh Liverpool Peadar Crouch a’ cur tadhal an aghaidh Galatasaray ann an gèam Prìomh Lìog UEFA.

Dealbh Meadhanan na Cruinne: 3 - 26 Lùnastal

The awe-inspiring images will be on display from 3 August in the public Main Hall of the Scottish Parliament providing a taster for Festival of Politics audiences.

Uairean Fosglaidh an Taisbeanaidh

Diluain-Dihaoine 10 m gu 6 f. Feumar a bhith a-staigh ro 5.15 f

Disathairne is Didòmhnaich agus làithean fèill poblach: 10m to 4 f, Feumar a bhith a-staigh ro 3.15 f

Fèis Poileataigs 24 - 26 Lùnastal

A-nis anns an treas bliadhna, bidh an Fhèis a’ ruith bho 24 gu 26 Lùnastal le prògram farsaing de thachartasan a’ toirt còmhla poileataigs, na meadhanan agus na gnìomhachasan cultarail.

A’ nochdadh am bliadhna bidh Teàrlach Ceanadach BP a b’àbhaist a bhith na cheannard air na Libearalaich Dheamocratach, an craoladair BBC thall thairis ainmeil Ceit Adie agus an dealbhadair Albannach ainmeil, Harry Benson.

Cùl-fhiosrachaidh na Fèise

Darfur refugees wait for food distribution in Chad.
Fogharraich à Darfur a' feitheimh ri biadh ann an Chad.
Jan Grarup, An Danmhairg, Politiken/Newsweek.
Faic barrachd dhealbhan sa ghailearaidh

Gheibhear làn phrògram de thachartasan aig Fèis Poileataigs 2007 air làrach-lìn sònraichte Fèis Poileataigs aig  www.festivalofpolitics.org.uk

Am measg nam prìomh thachartasan am bliadhna tha Tony Singh, prìomh chòcaire buannaichte a stèidhich Oloroso, agus Clarissa Dickson-Wright, còcaire agus craoladair, a’ beachdachadh air cuspairean agus poileataigs dèanamh bìdh agus ithe fallain.

Bidh Nick Barley, Stiùiriche An Taigh-solais, Ionad Ailteireachd Nàiseanta is Dealbhaidh na h-Alba sa chathair air deasbad mu na tagraidhean Geamachan Olympic agus Co-fhlaitheis mar dhòigh air a bhith ag ath-ghinealachadh sgìrean dùthchail.

Air Latha na Sàbaid 26 Lùnastal bheir an Fhèis Poileataigs aoigheachd do thachartas “latha dhorsan fosgailte” leis an ainm Pàrlamaid Fosgailte. Tha an tachartas an-asgaidh agus bheirear cuireadh do luchd-tadhail sgrùdadh a dhèanamh air cùl ghnothaichean aig Taigh an Ròid.

Cùl-fhiosrachaidh mu Dhealbh Meadhanan na Cruinne

Tha an taisbeanadh bliadhnail ga shealltainn gach bliadhna ann am faisg air 90 àiteachan ann an 40 dùthchannan air feadh an t-saoghail. Ann an taisbeanadh na bliadhna seo chithear timcheall air 200 dealbh. Is e taisbeanadh poblach bliadhnail a tha seo airson dealbh naidheachdais a’ toirt a-steach an dealbh a bhuannaich am bliadhna, còmhla ri iomhaighean a bhuannaich a-mach às gach cuid de na deich raointean farpais. Thathas den bheachd gu bheil an àrd inbhe de dhealbh naidheachdais a tha an seo a’ stèidheachadh inbhe san raon. Mar chlàr lèirsinneach de thachartasan na bliadhna a dh’fhalbh, tha inbhe aig an taisbeanadh a tha a’ tàladh raon nas fharsainge de luchd-turais na tha taisbeanaidhean ealain agus dhealbhan thraidiseanta.

Is e buidheann no-eisimeileach, no-tharbhach a tha ann an Dealbh Meadhanan na Cruinne. Tha na h-oifisean aca ann an Amsterdam, far an deach Dealbh Meadhanan na Cruinne a stèidheachadh ann an 1955. Tha e na phrìomh amas dhaibh taic a thoirt agus leasachadh aig ìre eadar-nàiseanta obair luchd-dhealbhan proifeiseanta nam meadhanan. Thar nam bliadhnachan, tha Dealbh Meadhanan na Cruinne air gluasad gu bhith na àrd-ùrlar no-eisimeileach airson dealbh naidheachdais agus cur thairis fiosrachaidh an-asgaidh.

Gus na h-amasan aca a choileanadh, bidh Dealbh Meadhanan na Cruinne ag eagrachadh an fharpais dealbh meadhanan bliadhnail as motha agus as cliùitiche san t-saoghail. Bidh pròiseactan foghlaim na phàirt chudromach de ghnìomhachd Dealbh Meadhanan na Cruinne.  Thèid co-labhairtean agus bùthan-obrach fosgailte do luchd-togail dhealbh fa-leth, buidhnean dhealbhan agus luchd-deasachaidh dhealbhan a chur air adhart ann an diofar dhùthchannan leasachaidh. Tha am Prìomh Chlas bliadhnail Joop Swart, a thèid a chumail san Òlaind, airson luchd-togail dhealbhan tàlantach aig toiseach an cùrsa-beatha. Gheibh iad stiùireadh làimhseachail agus comhairle proifeasanta bho stiùireadairean sa phroifeasan.

Bidh Dealbh Meadhanan na Cruinne a’ faighinn taic bho Chrannchur Còd-puist na h-Òlaind agus tha Canon agus TNT a’ toirt taic-airgid dhaibh air feadh an t-saoghail .

Is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan:
Susan Gray: 0131 348 6245
post-D: [email protected]

Airson iarrtasan coithcheann, curibh fios gu: 0131 348 5000 or 0845 278 1999
(local call rate)
Fòn-teacs: 0845 270 0152 RNID Fàilte air fiosan Typetalk
Post-dl: [email protected]
Tadhalaibh air ar làrach-lìn aig www.scottish.parliament.uk/gaidhlig