Festival of Politics Home Page

Fios Naidheachd 6 Iuchar 2007 English

Pàrlamaid na h-Alba air clàr Fèis Poilitigs 2007 fhoillseachadh

Festival of Politics 2007 - LaunchNochd Pàrlamaid na h-Alba fiosrachadh an-diugh mun luchd-labhairt air fad aig an Fhèill Phoilitigs aice a tha air duaisean a ghleidheadh agus a bhios a’ tighinn air ais gu Dùn Èideann bho 24 gu 26 Lùnastal.

Is e seo an treas bliadhna don Fhèill agus am-bliadhna bidh caochladh nithean na lùib nuair a thig poilitigs, na meadhanan agus cultar còmhla.

Bruidhnidh Teàrlach Ceanadach BP mun dreuchd aige, mu na beachdan poilitigeach aige agus mu na tha roimhe.

Tha e air a bhith san t-saoghal phoilitigeach thairis air trì deicheadan a-nis bho chaidh a thaghadh, aig aois 23, mar bhall a’ Phàrtaidh Shòisealta Dheamocrataich airson Rois is Chrombaidh agus an Eilein Sgitheanaich.

Bruidhnidh craoladair ainmeil a’ BhBC Kate Adie mu na dh’fhiosraich i a’ toirt iomraidh air gnothaichean agus strì air feadh an t-saoghail. Mar Phrìomh Aithrisear Naidheachdan a’ BhBC, thug i iomradh seachad air dùthchannan far an robh cogadh na bhoil leithid Iugoslabhia mar a bh’ ann agus Ruanda

Am measg nan daoine eile an sàs ann tha:

  • Tony Singh, an còcaire cliùiteach a chuir Oloroso air bhonn agus Clarissa Dickson-Wright, an còcaire agus craoladair, a nì sgrùdadh air ceistean agus gnothaichean poilitigeach ceangailte ri dèanamh bidhe agus a bhith ag ithe gu fallain.  
  • Harry Benson, am fear-togail-dhealbhan Albannach ainmeil a bha an làthair nuair a chaidh Raibeart Ceanadach agus Màrtainn Luther Mac an Rìgh a mhurt, agus nuair a chaidh Balla Bherlin a leagail, a thig còmhla ris an fhear-naidheachd dhealbhan Ciaran Dodds gus sgrùdadh a dhèanamh air atharrachaidhean ann an naidheachdas-dhealbhan bho mheadhan na 20mh linne a-mach gus an latha an-diugh agus na dhèidh.   
  • Nick Barley, Stiùiriche air an Taigh-Sholais, Ionad Ailtireachd, Dealbhachaidh agus Cathrach na h-Alba, a bhios na fhear-cathrach air an deasbad mu na h-iarrtasan airson nan Geamachan Oilimpigeach agus Geamachan a’ Cho-fhlaitheis mar inneal gus ùrachadh cathrach a bhrosnachadh sna bailtean-mòra.  

Air Didòmhnaich 26 Lùnastal bidh tachartas fosgailte ann air a bheil Pàrlamaid Fhosgailte. Tha an gnothach seo an-asgaidh agus gheibh luchd-tadhail cuireadh sùil a thoirt air chùl ghnothaichean ann an Taigh an Ròid.

Thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh, Ailig MacFhearghais, BPA:

“Shoirbhich gu mòr leis an Fhèill seo san dà bhliadhna a chaidh seachad. Tha i na ghnothach cudromach ann an saoghal nam fèilltean ann an Dùn Èideann a-nis agus air na mìltean de luchd-tadhail a thàladh don togalach a dhol an sàs ann an deasbad agus deasbaireachd.  

“Tha togail mhòr againn, uair eile, ri bhith a’ cur fàilte air daoine don Phàrlamaid agus èisteachd ri farsaingeachd inntinneach de dh’urracha mòra bho phoilitigs, na meadhanan agus ealain, tadhal air taisbeanadh nan dealbhan againn agus tlachd a ghabhail à bhith a’ cur eòlais air an t-saoghal phoilitigeach.”

Bidh seòmar-deasbaid Taigh an Ròid mar an t-ionad a-rithist far an tèid dealbh-cluiche a chur air dòigh nuair a chuireas an Cluicheadairean a’ Chaorainn an suidheachadh fhèin de Heart of Midlothian, The Journey of Jeannie Deans aig Sir Walter Scott an làthair. San t-suidheachadh a chuir an neach-dràma Albannach Judy Steel ri chèile, thathar a-mach air na dh’fhiosraich muinntir na h-Alba sna bliadhnaichean gu dìreach an dèidh Achd an Aonaidh.  

Bidh an cothrom aig muinntir na Fèise sealltainn air Taisbeanadh nan Dealbhan aig Luchd-mheadhanan an t-Saoghail – aonan de na taisbeanaidhean as motha agus as ainmeile air domhan. Tha an ìre mhath 200 ìomhaigh air an nochdadh san Taisbeanadh far a bheil brod nan dealbhan às an t-saoghal air fad ri fhaicinn. An-uiridh, bha fèill mhòr air, agus tharraing e cha mhòr 30,000 de luchd-tadhail ri linn dha bhith ann.

Bidh farsaingeachd nithean a dh’fhreagras do theaghlaichean ri fhaotainn air Latha na Pàrlamaid Fosgailte, foghlam agus fealla-dhà nam measg. Faodaidh an luchd-tadhail sealltainn air chùl ghnothaichean aig a’ Phàrlamaid, tadhal air a’ ghàrradh ‘fhalaichte’ agus dol air lorg an teaghlaich gus duais a ghleidheadh.  

Cùl-fhiosrachadh

Am measg nan nithean air a’ chlàr a bhuineas do dh’Fhèill Poilitigs 2007 tha:

Diluain 24 Lùnastal

Teàrlach Ceanadach a’ Bruidhinn
Bheir Teàrlach Ceanadach BP iomradh air an dreuchd phoilitigeach aige bho 1983 gus an latha an-diugh. An dèidh dha an gnothach a dhèanamh mar Cheannard air a’ phàrtaidh Libearalach Dheamocratach ann an 1999, bha e an ceannas aig àm cudromach don phàrtaidh nuair a chaidh 63 de Bhuill a thaghadh don Westminster aig taghadh coitcheann 2005. Nì Ailig MacFhearghais, BPA, fear-cathrach.  

Cagnadh! Tha aithisg a nochd o chionn ghoirid bho Chomann Leighis Bhreatainn a’ leigeil fhaicinn gu bheil millean de chloinn a tha reamhar san Rìoghachd Aonaichte. Tha rannsachadh air ceanglaichean a lorg eadar giùlan na cloinne agus stuth ann am biadh. Bruidhnidh an còcaire agus craoladair Clarissa Dickson-Wright agus am fear a chuir Oloroso air bhonn, Tony Singh mu bheachdan mu bhiadh agus mun bheatha fhallain ann an Alba. Anns a’ chathair bidh Alasdair Morgan, BPA, an Leas-oifigear Riaghlaidh.

Turas Jeannie Deans. Cuiridh Cluicheadairean a’ Chaorainn (Rowan Tree Theatre Company) an suidheachadh a chuir Judy Steel de The Heart of Midlothian aig Sir Walter Scott an làthair do Phàrlamaid na h-Alba.

Disathairne 25 Lùnastal

Bailtean Mòra nam Bonn Òir? Tha bailtean a tha air a bhith an sàs ann an iarrtasan o chionn beagan bhliadhnaichean gus na Geamachan Oilimpigeach agus Geamachan a’ Cho-fhlaitheis a chumail, air a bhith gan cleachdadh gus tionnsgnaidhean mòra ùrachaidh a bhrosnachadh. Tha cosgais mhòr an lùib nan tionnsgnaidhean seo. Bidh luchd-labhairt a bha an sàs anns na h-iarrtasan a rinn Barcelona, Lunnainn agus Glaschu a-mach air na sochairean agus dochairean ceangailte rin leithid de dh’iarrtasan. Anns a’ chathair bidh Nick Barley, Stiùiriche, An Taigh-solais.

Kate Adie – Iomraidhean bhon a’ Bhlàr. Tè a th’ air aonan den fheadhainn as motha air a bheil spèis ann an saoghal nan naidheachdan a-mach air a beatha agus a bhith ag iomradh à cuid de na làraichean as motha cunnart san t-saoghal air gnothaichean cogaidh agus eile.

Dealbhan mar Naidheachdan. Riamh bho chaidh an camara innleachadh, tha àite cudromach air a bhith aig naidheachdas- dhealbhan gus fiosrachadh a chumail ri daoine mu naidheachdan na cruinne. Tha teicneolas an latha an-diugh mar an t-eadar-lìon air atharrachaidhean mòra a thoirt air a’ ghnìomhachas le bhith a’ cruthachadh iarrtais air ùrachadh air naidheachdan sa bhad. Nì an dealbhadair cliùiteach Harry Benson agus am fear-naidheachd dhealbhan Ciaran Dodds sgrùdadh mun bhuaidh air a’ ghnìomhachas agus gabhaidh iad beachd air na dh’fhaodadh a bhith air fàire.

Didòmhnaich 26 Lùnastal

Pàrlamaid Fhosgailte aig an Fhèill Phoilitigich. Cothrom air leth sealltainn air chùl ghnothaichean aig Pàrlamaid na h-Alba agus aig an togalach sa bheilear ga cumail. Tron latha bidh piobrachadh, oideachadh agus fealla-dhà airson an teaghlaich air fad.  

Ticeadan na Fèille


£5 (£3) Thathar a’ moladh gun tèid àiteachan a chur air dòigh ro làimh.
Lùghdachaidhean: aois 5 gu 16, aois 60 agus nas sine, oileanaich; daoine gun chosnadh agus ciorramaich.

Tha Latha na Pàrlamaid Fosgailte saor is an-asgaidh.

Ticeadan rim faotainn bho:

  • Air-loidhne aig www.festivalofpolitics.org.uk
  • Tadhal no sa phost:
    Hub Tickets
    The Hub, Cnoc a’ Chaisteil
    Dùn Èideann EH21 2NE
  • Air fòn: 0131 473 2000. Fònaichean tro RNID Typetalk: 18001 0131 473 2000
  • Le bhith a’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba.

Tha fiosrachadh slàn mu chlàr na Fèille ri fhaotainn bho

www.festivalofpolitics.org.uk

Dearbhadh do Luchd nam Meadhanan: Bu chòir do luchd nam meadhanan a tha ag iarraidh iomradh a thoirt air gin de na nithean aig an Fhèill post-dealain anns a bheil fios mu ainm, foillseachadh, fios mu cheangal a dhèanamh riutha agus an nì a tha iad ag iarraidh fhaicinn a chur gu: sp.media@scottish.parliament.uk

Thèid dearbhadh a thoirt do luchd nam meadhanan ann an Lùnastal agus thathar ag iarraidh orra an-dràsta leigeil fhaicinn ma tha ùidh aca a bhith an làthair aig gnothaichean àraidh. Thoiribh fa-near gur dòcha gum bu ùidh aig cus dhaoine ann an cuid de ghnothaichean ach thèid a h-uile oidhirp a dhèanamh gus gabhail ri iarrtasan far an urrainnear.  

 

Airson barrachd fiosrachaidh, is e neach-fiosrachaidh nam meadhanan:

Susan Gray: 0131 348 6245 RNID TypeTalk dì-beathte
post-dealain: susan.gray@scottish.parliament.uk

Airson cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu:

0131 348 5395 (Gàidhlig)

0131 348 5000 (Beurla)

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk