Please enable Javascript to use the menus
Festival of Politics Logo

English

Images of the Parliament and the Festival in 2006
Fàilte don Fhèis an Dùn Eideann far a bheil poileataigs is am poball a' tighinn còmhla

Facal bho Ailig MacFhearghais BPA, Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba

Presiding Officer Alex Fergusson MSP

Is e fìor thlachd a th ’ ann dhomhsa fàilte a chur oirbh do dh ’ Fhèis Poileataigs 2007, a bhios am-bliadhna a ’ co-fhreagradh thachartasan a tha a ’ gabhail àite airson toiseach an treas seisein de Phàrlamaid na h-Alba.

Nach tig sibh a-steach còmhla ruinn a dh’èisteachd ri beachdan agus deasbad dhaoine ainmeil bho shaoghail poileataigs, nam meadhanan agus nan ealan; a dh’fhaighinn boillsgeadh air an obair làitheil àbhaisteach againn ann an Latha Fosgailte na Pàrlamaid; agus a thadhal air an taisbeanadh dealbhan-camara naidheachdais againn a tha air àrd-inbhe a bhuannachd ann an sùilean an t-saoghail.

Anns an Fhèis Poileataigs seo, tha mi a ’ dèanamh fiughair ris a ’ Phàrlamaid fhaicinn a-rithist làn daoine an tòir air smuaintean fosgailte agus spreigeach.


Faigh tiocaidean air-loidhne no fònaibh 0131 473 2000.

Leugh am prògram agus faic mapa agus stiùireadh airson a dhol don Phàrlamaid.

Fios Naidheachd: Pàrlamaid na h-Alba air clàr Fèis Poilitigs 2007 fhoillseachadh

Cuir fios thugainn mun Fhèis Poileataigs.

Airson barrachd fiosrachaidh mun Fhèis Poileataigs, clàraich gus am fiosrachadh as ùire fhaighinn.

Faic Fios mu bhith a' tadhal air Pàrlamaid na h-Alba ann an Taigh an Ròid agus mu chrèche Pàrlamaid na h-Alba.